Clàr air a’ bhalla a’ leantainn slighe gach soitheach air an robh m’ athair: tarsainn a’ Chuan Siar; tron Mhuir Mheadhanach agus sìos tro Chanàl Suez; a’ Mhuir Ruadh agus a’ Chuan Innseanach, a’ Chuan Sèimh – sinn a’ feitheamh gus an tilleadh e gu eilean a’ Chuain Sgìth.
Dola dhomhsa bho gach dùthaich air an do thadhal e, iad nan suidhe air an sgeilp mar chuireadh gu dùthchannan nach fhaca mi ach anns a’ mhac-meanmna a dhùisg a sgeulachdan.
Na dannsairean Spàinneach reòite ann an ruidhle Flamenco; gaucho Argentina air druim an eich dhuibh far a bheil e air a bhith na shuidhe fad còrr is fichead bliadhna; dà chailleach à Seapan air fàs robach le aois agus droch làimhseachadh (ged a tha aon tè a tha fhathast àlainn- a h-aodann geal, a bilean dearg), an fheadhainn a thàinig à Corea dathach ann am bucas gloinne.
An saoghal ann an còirnear de chòirnear beag den t-saoghal, ìomhaighean a ghluais mo chasan gu siubhal gus am faodainn mo chuimhneachain fhìn a chuir air an sgeilp
|