Text only  Print this page | E-mail this page| Add to favourites
British Council Scotland
New Scottish Poetry
About Anne Frater
Anne Frater - An Sgeilp
An Sgeilp - Scots translation
An Sgeilp - English translation
Literature
Find out about our work in literature.
Edinburgh: UNESCO CITY OF LITERATURE
Read about the organisation which promotes recognition and prestige for Scotland’s literary life nationally and internationally.
Contemporary Writers
Search our database containing up-to-date profiles of some of the UK and Commonwealth’s most important living writers.
An Sgeilp
Ann Frater

Clàr air a’ bhalla
a’ leantainn slighe gach soitheach air an robh m’ athair:
tarsainn a’ Chuan Siar;
tron Mhuir Mheadhanach
agus sìos tro Chanàl Suez;
a’ Mhuir Ruadh agus a’ Chuan Innseanach,
a’ Chuan Sèimh –
sinn a’ feitheamh gus an tilleadh e
gu eilean a’ Chuain Sgìth.

Dola dhomhsa bho gach dùthaich air an do thadhal e,
iad nan suidhe air an sgeilp mar chuireadh
gu dùthchannan nach fhaca mi
ach anns a’ mhac-meanmna a dhùisg a sgeulachdan.

Na dannsairean Spàinneach
reòite ann an ruidhle Flamenco;
gaucho Argentina air druim an eich dhuibh
far a bheil e air a bhith na shuidhe
fad còrr is fichead bliadhna;
dà chailleach à Seapan air fàs robach
le aois agus droch làimhseachadh
(ged a tha aon tè a tha fhathast àlainn-
a h-aodann geal, a bilean dearg),
an fheadhainn a thàinig à Corea
dathach ann am bucas gloinne.

An saoghal ann an còirnear
de chòirnear beag den t-saoghal,
ìomhaighean a ghluais mo chasan gu siubhal
gus am faodainn mo chuimhneachain fhìn
a chuir air an sgeilp

The United Kingdom’s international organisation for cultural relations and educational opportunities.
A registered charity: 209131 (England and Wales) SC037733 (Scotland)
Our privacy and copyright statements.
Our commitment to freedom of information. Double-click for pop-up dictionary.
 Positive About Disabled People Download Browsealoud