Sheall mi riamh a-mach air an t-saoghal-mhòr - Saoil an robh e sealltainn air ais orm fhèin? ‘S mi nam sheasamh air iomall rudeigin, Air m’ aodann – a’ ghaoth bhon a’ chuan fhuar.
Thar a’ chuain bha sgàthain rim faicinn, Aodannan mar m’ aodann fhèin, Daoine glact’ eadar dà àite, Daoine ri siubhal na fairge.
Agus ar leam bhon a’ ghoirtean – Leis na clachan agus na caoraich Agus fuaim a’ chiùil nam shuain Gum biodh ceòl an t-sluaigh a’ coinneachadh
Air iomall an àite san robh sinn fhèin. ‘S mi fhèin a chunnaic an saoghal cruaidh. Tha ròc nam aodann, tha mo cholainn fann. Shaoil mi uair gum biodh e nam chomas –
Nuair a shiubhail an abhainn gus coinneachadh ris a’ mhuir, Nuair a roinn a’ ghealach is a’ ghrian an speur, A bhith sealltainn bhuam cho fada ‘s a chitheadh neach Agus òl air an tè a’ sealltainn air ais.
Sound of Sleat Translated into Gaelic by Rody Gorman
|