Seòladh chun nan Garbh Eileach, le séideadh foghair anull an gad eileanaibh. Ceann amach thar nan tonn, tha seillean a suidhe air slat-bheòil na gheata. Ruadh-dhonn is stiallach, solaraich’ air faondradh
a’ siubhal nar còmhlan, gabhail tàmh gus neart a thional. Far an gabh an caolas seòladh, tha cala dhuinn far a bheil geò fhasgach agus còs feurach. Ceum no dha eile ’s tha sinn ag òl bho ’n tobar miorbhaileach de dh’uisge mealach
le shanas de chobhar sàil. Na ceallan beachlannach mun cuairt nan cròthan cloiche, leac thar leac, currac mar mhullach. Bheir e leud an eilein sgoraich gu léir aon bhoinne meala a leigeil. Ràinig Breandán air sròin na curraich,
thàinig e air sgiath chun an t-sochair mholaich seo son na cìre-meala òraich a lorg, céir-sheillein mar stiùir
Honeybee, Inner Hebrides translated into Gaelic by Aonghas Macneacail
|