Turaman talmhainn eadar dhà làmh, chiad aiteal de mheanmhad an eilein sgàinte mach, aonrach, daonnan an ceann ud bogte ann ’n uisge fuar, corp creuchdte, le féithean corrach, beanntan reubt’ a gleanntan bàthte, bogte, guirme feòir a bualadh droma fo sgleog na frasa, an speur gu sìorraidh fo aire airson gealach no reul do shoillse na cruinne, do shoillse na cloinne caillte, dhan stiùireadh gu dachaidh. Moiteil,
ro mhoiteil, b’ann mar chuibhle ban-sìdh, mi- riaghailteach gun tàmh, ròlaisteach, bhiodh a chlach ud mar dhachaidh, a’ bruadar air blàths braoint’ ann an gainneamh, tart na theine mar chlò breagha, éideadh deàrrsach, làmh ri gabhail, sìnte mach, seasmhach, dìleas gus an toir an soidheach clann bho thar a chuain, gus an toir i naidheachd air ais, daoine conaltradh ann an cànain càirdeil ionadail, sàilte le smuaintean., caoir anns an fhuil dol na lasair
Beatha ga bleith, mar dhotaman a’ cur nan car, aon chruinne, aon sheann chridhe bualadh. Bhi còmhnaidh seo, far an séid taise gaoithe duslach an allabain air falbh, sneachda rachadh a leaghadh leis an fhàilte chridheil. Cha b’ fhad’ e bho chagailt fhathast, na fàdan mònach, brot teth ’sa phraise, an cleoc a’ bualadh uairean socair, toit, drama òrach ’sa ghlainne, an doras ud daonnan gun ghlas
Sang fur the Wandert translated into Gaelic by Aonghas Macneacail |