seo an dùthaich nach robh riamh ann is a coille de mhór-bhailtean le’n cuid lùchairtean glainne far a bheil airgiod a fighe airgid a bhiathas nam bochd, agus tùir, sùbailte ri cruinn, as am faicear - eadar nam beann liatha, a tha fialaidh do cheum àrd nam fiadh is taisdealair, ‘s nan sruth bradanach (saor do gach iasgair) - liosan réidhe, tur-bhàthte ann am meas, lus is gràn
seo an dùthaich far am bi an t-arm a’ treabhadh, far a bheil an cuan fhéin na aiseag do gach fògarrach gun dòchas, far an togar cànan do nàbaidh le toil agus siùbhlachd, far am bi na bàird ag aithris naidheachd an latha, air sgrìn farsaing na fìrinn, is an luchd-cunntais a’ sgaoileach an sporain amach mar lian air am fàsar soidhichean pailteis - le ho-ro agus ho-ro, b’e siud an latha
ach chan àich bàrd an sealladh - deòir na cruinne, nuair a tha an naidheachd na bheul mar chnothan searbha, agus cluasan faoin an dòchais a’ cluinntinn, fo na facail, roghainn eile, slighe amach bho sgeul na fàire lasraich gu raon far a bheil anail na gréine fosgladh bhlathan sìthe, ann a shin, eanchainn, dall dùbhlanach, a’ suaineadh eadar nan gas, gu meas nan cugall, eadar ugh na smuaint agus sgiath |